1. |
Deatharra
02:29
|
|||
|
Innis dhomh
Innis dhomh dè do bheachd?
"Ceol grànda
Mì-thaitneach, deatharra"
"Ceol grànda
Mì-thaitneach, deatharra"
"Chan eil seo cuideachail
Carson a dh'fheumas tu sgreuchail?"
Seo mo dhòigh
Seo mo roghainn
Seo mo dhòigh
Seo mo roghainn
Mura h-eil
Mura h-eil e a' còrdadh riut
Feuch gun dèan thu rudeigin dhut fhèin
Feuch gun dèan thu rudeigin dhut fhèin
Thoir air ais am fuaim
'S e seo do chuid foghlaim
Thoir air ais am fuaim
'S e seo do chuid foghlaim
Cùm an cultar ach fàg traidisean air chùl
Is cuir taic ri stoidhle ciùil ùr
Cumaidh mi a' dèanamh ceòl
Fiu's ged a thèid e a-mach à fasan
Is aon latha, tillidh tu le d'earball eadar do chasan
Is aon latha, tillidh tu le d'earball eadar do chasan
Innis dhomh dè do bheachd
Dè do bheachd?
|
||||
2. |
Marbhtach
02:58
|
|||
|
'Cànan marbh', sin mar a chanas iad
Oidhirp is airgead gun adhbhar air fad
Cànan marbhtach nuair a tha i na mo làmhan
Ciamar a nì thu magadh
Nuair nach eil thu gam thuigsinn?
Marbhtach
Marbhtach
Tha beatha gu leòr innte fhathast
A dh'aindeoin na tha na h-aineolaich ag ràdh
Tha e doirbh dhut beachd a bhith agad
Nuair nach eil fiù 's an cànan agad
Marbhtach
Tha fios a'm nach leugh thu seo
An oidhirp as lugha
Ro thrang a' sgrìobhadh
Teachdaireachdan feargach air-loidhne
Tha e a' cur bròn orm mar a chaitheas tu d' ùine
Tha e mu dheidhinn shoidhnichean rathaid dhuibh uile
Uill
Am b' urrainn do shoidhne seo a dhèanamh?
Am b' urrainn do shoidhne seo a dhèanamh?
Obh obh
Marbhtach
Marbhtach
|
||||
3. |
||||
|
Chunnaic mi an uilebheist
A' sgoradh, sgaiteach
Le nimh, le fearg
Gìosgan fhaclan, cluasan bodhar
A' tilgeil domlas gun adbhar
Bha do bhriathran cho fuar ris a' phuinnsean
De thachair, a charaid?
'S iomadh rud a thuirt thu
De thachair, a charaid?
'S iomadh rud a rinn thu
Ged a dh' fhaodadh tu atharrachadh
Tha e duilich dìochuimhneachadh
Sin thu, a charaid
'S fhad bhon uair
A bha sinne fo aineol na h-òige
(Fògarraich, boireannaich, bleideag-sneachd)
A' ruith, a' cluich, le gean, le gaol
Nach sinn' bha cho sona ri bròig
(Caismeachd, bratach, ar-a-mach)
Do shùilean dall, d' eanchainn dorch
Do theanga cho biorach ro bior
(Grunnd na mara, bonn mo bhròig)
Chì mi 'n-diugh gu bheil thu loibht' gu d' smior
(Cùl mo làimhe, pòg mo thòin)
Fògarraich, boireannaich
Fògarraich, boireannaich
Bleideag-sneachd, ar-a-mach
Grunnd na mara
Fògarraich, boireannaich
Fògarraich, boireannaich
Bleideag-sneachd, ar-a-mach
Grunnd na mara
De thachair, a charaid?
'S iomadh rud a thuirt thu
De thachair, a charaid?
'S iomadh rud a rinn thu
Ged a dh' fhaodadh tu atharrachadh
Tha e duilich dìochuimhneachadh
Tha blas na fala agad
Uill tha na h-iuchraichean agam eadar mo chorragan
Is an turas seo, bidh mise deiseil
Chunnaic mi an uilebheist
|
||||
4. |
Nam Chridhe
04:52
|
|||
|
O, mo charaid
Chan eil cuimhne a'm ar còmhradh mu dheireadh
Càit' an deach thu? Carson a dh'fhàg thu?
Tha sia mìosan air a bhith ann mu thràth
Is tha mi gad ionndrainn
Chan eil adhbharan ann
Chan ann ach
Pian is fulangas
(Bha barrachd ùine aige)
Bha barrachd ùine aige
Bha feum aige air barrachd ùine
Bha barrachd ùine aige
Bha feum aige air barrachd ùine
Cha do chaidil mi a-raoir
Bha mi a' faighneachd do Dhia
"Nach toir sibh air ais e?"
Tha an saoghal seo dorcha às aonais
Tha an saoghal seo dorcha às aonais
Càit' an deach thu?
Carson a dh'fhàg thu?
Càit' an deach thu?
Carson?
Ge fada bhuam a shiubhladh tu
Chì mi a-rithist thu
Chì mi a-rithist thu
Ge fada bhuam a shiubhladh tu
Chì mi thu a-rithist
Cha do chaidil mi a-raoir
Bha mi a' faighneachd do Dhia
"Nach toir sibh air ais e?"
Tha an saoghal seo dorcha às aonais
Tha an saoghal seo dorcha às aonais
Uill, a bhalaich
Thig an latha seo gu crìch
An caibideil cuideachd
Agus mar sin, tòisichidh fear eile
Coisichidh sinn còmhla, taobh ri taobh
Mo charaid is mo bhràthair
Cha do chaidil mi a-raoir
Bha mi a' faighneachd do Dhia
"Nach toir sibh air ais e?"
Tha an saoghal seo dorcha às aonais
Tha an saoghal seo dorcha às aonais
Chì mi thu a-rithist
Tha làithean nas soilleire romhainn
|
||||
5. |
Aineolas (feat. Lowhill)
03:22
|
|||
|
Faclan gràineil bho amadain aineolach
Tha iad anns gach àit'
Sreath ùr fòirneart
An toir neart buaidh air ceartas?
Bidh thu a' sgaoileadh do bheachdan mar a bhios eun a' giùlan galair
Bidh a' ghaoth a' sgaoileadh do ghuthan grànda
Air feadh nan ceithir ceàrnan na Talmhainn
A bheil caoimhneas neo-aithnichte dhuibh uile?
Tha ur chridheachan cho làn de fhuath
Cho làn de fhuath
A' càineadh do chultar
A' diùltadh do dhùthaich
Dìreach air sgàth dath an craicinn?
Ihmiskunta sokea
Matka matalaan hautaan
Ihmissaasta kadonnut maniaan
Manipuloitu alitajunta
Matka kehdosta hautaan matalaan
Aatteen takana silmät ummessa
Sokea itsemurha
Sokea itsemurha
A' càineadh do chultar
A' diùltadh do dhùthaich
Dìreach air sgàth dath an craicinn?
An ann a chionn 's gu bheil do chlann fhèin a' dèanamh tàir ort?
(A' càineadh do chultar)
No 'n e truas a th' ann?
(A' diùltadh do dhùthaich)
"Fear sam bith a loisgeas a mhàs
'S e fhèin a dh'fheumas suidhe air"
Sokea itsemurha
(Sreath ùr fòirneart)
Sokea itsemurha
(An toir neart buaidh air ceartas?)
|
||||
6. |
Planaid Shàmhach
03:16
|
|||
|
Planaid shàmhach
Tha ùine a' ruith a-mach
Thuit na làmhan far a' ghleoc
Fhad 's a tha an saoghal a' coimhead airson cuideigin as coireach
Thuit na làmhan far a' ghleoc
Fhad 's a tha an saoghal a' coimhead airson cuideigin as coireach
Planaid shàmhach
Tha ùine a' ruith a-mach
Faic thugad is bhuat
Am faic thu an aibheis a' tighinn dlùth?
Tha e ro fhadalach dhuinn a-nis
Feumaidh an talamh a chuid fhèin
Faic thugad is bhuat
Am faic thu an aibheis a' tighinn dlùth?
Tha e ro fhadalach dhuinn a-nis
Feumaidh an talamh a chuid fhèin
'S e seo tiodhlacadh na Talmhainn
No 'n e an losgadh-cuirp a th' ann?
No 'n e an losgadh-cuirp a th' ann?
Thuit na làmhan far a' ghleoc
Loisg
|
||||
7. |
||||
|
A' Chlach a bha mo sheanmhair
'S mo sheanair oirre seanchas
Air tilleadh mar a dh'fhalbh I
Mo ghalghad a' Chlach
'S gur coma leam I 'n Cearrara
An Calasraid no 'n Calbhaigh
Cho fad' 's a tha I 'n Albainn
Nan garbhlaichean cas
'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha
Hilli um bo ruaig thu I hilli um bo ha
'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha
Ga cur an àite tearmainn
A chumas I gu falachaidh
'S nach urrainn iad, nach dearg iad
Air sgealb dhith thoirt às
A' Chlach a chaidh a dhìth oirnn
Air faighinn às an ìnean
'S gu deimhinne, ma thill I
Tha 'n nì sin gu math
'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha
Hilli um bo ruaig thu I hilli um bo ha
'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha
Bha 'm Ministear cho tùrsach
Sa mhadainn nuair a dhùisg e
'S praban air a shùilean
A' tionndadh a-mach
E coiseachd feadh an ùrlair
Ag ochanaich 's ag ùrnaigh
'S a' coimhead air a' chùil
Anns an d' ionndrainn e Chlach
'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha
Hilli um bo ruaig thu I hilli um bo ha
'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha
Sin far robh an stàireachd
'S an ruith air feadh an làir ann
Gun smid aige ri ràidhtinn
Ach"Càit 'n deach a' Chlach?
'S a Mhoire, Mhoire, Mhàthair
Gu dè nì mise màireach
Tha fios a'm gum bi a' Bhànrighinn
A' fàgail a beachd"
'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha
Hilli um bo ruaig thu I hilli um bo ha
'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha
Gun tuirt e 's dath a' bhàis air"Cha chreidinn-sa gu bràth e
Gu togadh fear bho làr I
Nach b' àirde na speach
Tha rudeigin an dàn dhomh
'S gun cuidicheadh an t-Àgh mi
Bha' n duine thug à sàs I
Cho làidir ri each"
'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha
Hilli um bo ruaig thu I hilli um bo ha
'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha
Hilli um bo ruaig thu I hilli um bo ha
'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha
|
||||
8. |
Clachan
01:05
|
|||
|
Clachan nam phòcaid
A' coiseachd dhan mhuir
A' coiseachd dhan mhuir
Sin an àite dham buin mi
Sin an àite
|
||||
9. |
Abair
03:03
|
|||
|
Abair ach beagan
Fad bhliadhnaichean 's bhliadhnaichean
Chan fhaca sinn sùil ri sùil
Dh'fhàg sinn còmhraidhean gun bhruidhinn
Cha tuirt mi facal
Tha cus agam ri ràdh (cus, cus)
A bheil mi air gu leòr a ràdh mu thràth?
Tha cus agam ri ràdh (cus, cus)
Ach chan eil dragh agam aig deireadh an latha
Cha tuirt mi facal nuair a bu chòir dhomh
Tha cus agam ri ràdh (cus, cus)
Ach chan eil dragh agam aig deireadh an latha
O mo chreach
Uaireannan, tha mi air mothachadh
Nach eil na rudan a chanas mi a' cuideachadh
Smaoinich gu sgiobalta
Ach bruidhinn gu slaodach
Thug e ro fhada dhomh-sa
Gus innse dè bha mi a' ciallachadh
Tha mi fhathast ag obair air bruidhinn
Mu na faireachdainnean nam chridhe
Tha cus agam ri ràdh (cus, cus)
A bheil mi air gu leòr a ràdh mu thràth?
Tha cus agam ri ràdh (cus, cus)
Ach chan eil dragh agam aig deireadh an latha
Cha tuirt mi facal nuair a bu chòir dhomh
Tha cus agam ri ràdh (cus, cus)
Ach chan eil dragh agam aig deireadh an latha
(Cha tuirt mi facal)
Cha tuirt mi facal
Abair ach beagan
Agus abair gu math e
|
||||
10. |
Toiseach An Deireadh
01:45
|
|||
|
Gun sìth
Gun solas
Gun ghuth
Gun ghaol
Tha e gam fhàgail tinn
Tha saoghal ùr a' tighinn
Àite dorcha sàmhach
A bheil e a' cur eagal ort-sa cuideachd?
Chaill sinn mus do thòisich sinn
A 'call a h-uile càil
Toiseach an deireadh
Toiseach an deireadh
|
||||
Gun Ghaol Larbert, UK
The world's only Scottish Gaelic metalcore band.
post-d: gunghaolmusic@gmail.com
If you like Gun Ghaol, you may also like: